Інструменты
Ensembles
Genres
Кампазітары
Выканаўцы

Вершы: Rankins. An Innis Igh.

(Traditional)
Seinn an duan so dhan Innis Aigh
An innis uaine as gile traigh
Bidh sian air uairean
A' bagairt cruaidh ris
Ach 's e mo luaidh-sa bhi ann a' tamh
Cait' an traith' an tig Samhradh caomh?
Cait' an traith' a thig blath air craobh
Cait' as boidhche
'S an seinn an smeorach
Air bharr nan ogan 's an Innis Aigh
Tiugainn leam-sa chun na traigh'
'S an fheasgar chiuin-ghil aig am an lain
Is chi thu 'm boidhhead
'S an liuthad seorsa

De dhe'eoin tha comhnuidh an Innis Aigh
An t-iasg as fiachaile dluth do 'n traigh
Is ann m'a chriochan is miann leis tamh
Bidh gillean easgaidh
Le dorgh is liontan
Moch, moch 'g a iarraidh mu Innis Aigh
O, 's gearr an uine gu'n teirig la
Thig an oidhche 's gun iarr mi tamh
Mo chadal buan-sa
Bidh e cho suaimhneach
Ma bhios mo chluasag 's an Innis Aigh
Seinn an duan so dhan Innis Aigh